Mu ar deidhinn

Tha Misneachd Dhùn Èideann ag aithneachadh gu bheil siostaman eacanomaigeach agus sòisealta farsaing a’ bagairt air a’ Ghàidhlig agus air mion-chànain air feadh an t-saoghail agus a’ creidsinn gur e an nàmhaid as motha a tha aig a’ Ghàidhlig siostam sam bith a chuireas luach nas motha air airgead na air daoine.

Bidh sinn ag iomairt airson na Gàidhlig agus an aghaidh nan siostaman sin.

’S e buidheann neo-eisimileach a th’ annainn, ach bidh sinn ag obair còmhla ri iomairtean agus buidhnean eile mar a bhios iomchaidh. Tha Misneachd Dhùn Èideann air a ruith tro deamocrasaidh dìreach.

Advertisements