Prionnsabalan is amasan

Prionnsabalan:

  • Tha sinn a’ faicinn crìonadh mion-chànain mar phàirt den chrìonadh a tha a’ tighinn cuideachd air an àrainneachd agus air mion-shluaghan san fharsaingeachd air sgàth an t-siostaim eaconomaigich a th’ againn.
  • Bidh sinn a’dèanamh a h-uile rud (seach rudan gu sònraichte ag amas air luchd cànain eile) tro mheadhan na Gàidhlig
  • Bidh am buidheann air a ruith tro dheamocrasaidh dìreach

Amasan:

  • Fiosrachadh a sgaoileadh do luchd na Gàidhlig mun cheangal eadar na siostaman eacanomaigeach agus poiliteagach a th’ againn agus crìonadh mion-chànain.
  • Fiosrachadh a sgaoileadh do dhaoine a chuireas taic ri iomairtean a’ strì an aghaidh nan siostaman sin mu chùisean mhion-chànain.
  • Còmhradh a bhrosnachadh mu na cuspairean seo.
  • Taic a chur ri cùis na Gàidhlig agus taic a chur ri iomairtean eile a bhios a’ strì an aghaidh nan siostaman sin (mar a bhios iomchaidh) tro mheadhan na Gàidhlig.
  • Lìonraidhean a bhrosnachadh.
Advertisements